Luchdaich a-nuas

Ion-phortaich liostaichean-cluich o YouTube

Ciamar a dh'ion-phortaicheas mi liostaichean-cluich YouTube?

A bheil thu airson na liostaichean-cluich YouTube agad a thoirt a-steach dhan aplacaid? Tha e cho furasta 's a ghabhas! Dìreach thoir gnogag air a' phutan “Ion-phortaich liostaichean-cluich YouTube”, a gheibh thu air an taba Liostaichean-cluich no sa chlàr-taice air cùlaibh ìomhaigheag na pròifil gu h-àrd air an taobh deas. Tha dà dhòigh shìmplidh air seo a dhèanamh:

  1. Clàradh a-steach le cunntas Google: Clàraich a-steach leis a' chunntas Google agad agus tagh na liostaichean-cluich a tha thu airson an ion-phortadh. Bheir an dòigh seo a-steach liostaichean-cluich on chunntas YouTube agad.

  2. Ceangal no ID na liosta-chluich: A bheil liosta-chluich shònraichte nad inntinn? Dìreach cleachd an ceangal no an ID aice gus a h-ion-phortadh. Dèan cinnteach gu bheil an liosta-chluich air a suidheachadh mar “neo-liostaichte” no “poblach” gus am faigh an aplacaid cothrom oirre.

Sin agad e! Tha na h-annsachdan YouTube agad deiseil airson an cluich san aplacaid a-nis.

Ciamar a dh'ion-phortaicheas mi liostaichean-cluich YouTube?

Ciamar a dh'ion-phortaicheas mi liostaichean-cluich YouTube le ID?

Tha e furasta na liostaichean-cluich YouTube as fheàrr leat a thoirt a-steach do AT Player! Rach dhan taba Liostaichean-cluich no fosgail an clàr-taice le ìomhaigheag na pròifil gu h-àrd air an taobh deas, agus thoir gnogag air Ion-phortaich liostaichean-cluich YouTube. Cuir a-steach ceangal no ID na liosta-cluich is dèan cinnteach gu bheil an liosta-cluich “neo-liostaichte” no “poblach” ach an tèid an t-ion-phortadh gu rèidh. Mar seo, cuiridh tu na cruinneachaidhean YouTube as fheàrr leat ris an leabharlann agad gun strì. Meal do cheòl!

Ciamar a cho-roinneas mi liostaichean-cluich on aplacaid YouTube?

Chan eil dad nas fhasa na na liostaichean-cluich YouTube agad a cho-roinneadh leis an aplacaid:

  1. Tòisich ann an YouTube: Fosgail an aplacaid YouTube is tagh an liosta-cluich as toigh leat.
  2. Co-roinn i: Brùth am putan Co-roinn is lorg an aplacaid ann an liosta nan aplacaidean a thathar a' moladh.
  3. Fosgail san aplacaid: Dìreach aon ghnogag is siud e! Fosglaidh an liosta-cluich san aplacaid sa bhad.
  4. Cuir do stampa fhèin oirre: Faodaidh tu a h-atharrachadh mar a thogras tu! Gnàthaich an liosta-cluich is sàbhail i ach am freagair i ri do shunnd.

Meal do cheòl le gleusan rèidh, so-thuigsinn na h-aplacaid!

Chan eil an t-ion-phortadh o YouTube ag obair. Tha mi a' faighinn mearachd conaltraidh leis an fhrithealaiche.

An toiseach, ma tha thu a' cleachdadh VPN, feuch is cuir dheth e - dh'fhaodte gu bheil e a' bacadh a' cheangail. Uaireannan, faodaidh duilgheadasan le seirbheisean YouTube aig Google casg a chur air an ion-phortadh. Seo beagan rudan as urrainn dhut fheuchainn:

  • Seachain VPN, no cleachd seirbheisean VPN earbsach a-mhàin.
  • Fuirich beagan uairean a thìde is feuch a-rithist - gu tric, fuasglaidh duilgheadasan sealach iad fhèin.
  • Ion-phortaich le ceangal no ID na liosta-cluich. Faodaidh tu liosta-cluich sam bith ion-phortadh mar seo. Dìreach dèan cinnteach gu bheil i Neo-liostaichte no Poblach.
  • Fosgail an liosta-cluich san aplacaid YouTube no YouTube Music is co-roinn i gu dìreach le AT Player.

Dè an dòigh eile a th' ann airson liosta-cluich YouTube ion-phortadh?

Ma tha duilgheadas agad le liosta-cluich YouTube ion-phortadh, seo dòighean eile feumail as urrainn dhut fheuchainn:

  1. Cuir dheth an VPN agad ma tha thu ga chleachdadh, no cleachd seirbheis VPN earbsach. Faodaidh cuid de sheirbheisean VPN bacadh a chur air frithealaichean YouTube is duilgheadasan ceangail adhbharachadh.
  2. Is math an fhoighidinn: Uaireannan, nì e an gnothach ma dh'fhuiricheas tu greis is ma dh'fheuchas tu a-rithist.
  3. Ion-phortadh le ceangal/ID: Cleachd ceangal no ID na liosta-cluich (dèan cinnteach gu bheil i “neo-liostaichte” no “poblach”).
  4. Co-roinn o YouTube: Fosgail an liosta-cluich san aplacaid YouTube is co-roinn i gu dìreach.
  5. Falamhaich an tasgadan: Mus dèan thu sin, dèan lethbhreac-glèidhidh dhen dàta agad airson sàbhailteachd https://www.youtube.com/shorts/j1EYHUqwLCk
  6. Sioncronaich na cunntasan: Dèan cinnteach gu bheil na cunntasan agad air an sioncronachadh ann an roghainnean an t-siostaim.
  7. Ath-stàladh: Dì-stàlaich an aplacaid airson gach cleachdaiche, ath-thòisich am fòn agad is stàlaich às ùr i.
    Bu chòir dha na ceumannan seo do chuideachadh gus faighinn seachad air cnap-starra sam bith nuair a bhios tu ag ion-phortadh liostaichean-cluich.

Dè ma chaidh an cunntas a bhacadh?

Faodaidh tu feuchainn ri tasgadan is dàta na h-aplacaid fhalamhachadh. Uaireannan, cuidichidh seo gus faighinn seachad air duilgheadasan le seirbheisean Google. Dèan lethbhreac-glèidhidh dhe na liostaichean-cluich agad an toiseach - thoir gnogag air Sioncronaich air an taba Liostaichean-cluich is clàraich a-steach, no thoir gnogag air ìomhaigheag na pròifil gu h-àrd air an taobh deas is tagh Lethbhreac-glèidhidh is aiseag - Às-phortaich liostaichean-cluich. Dì-stàlaich an aplacaid airson gach cleachdaiche, ath-thòisich am fòn, stàlaich i às ùr is feuch a-rithist.

Ciamar a dh'ion-phortaicheas mi barrachd air aon liosta-cluich?

Gu mì-fhortanach, chan eil YouTube a' ceadachadh barrachd air aon liosta-cluich ion-phortadh aig an aon àm. Ach faodaidh tu àireamh gun chrìoch de liostaichean-cluich ion-phortadh on chunntas agad. No ion-phortaich le ceangal no ID na liosta-cluich. Faodaidh tu liosta-cluich sam bith ion-phortadh mar seo. Dèan cinnteach gu bheil an liosta-cluich agad suidhichte air “neo-liostaichte” no “poblach”. No fosgail liosta-cluich san aplacaid YouTube is co-roinn i le AT Player.

Ciamar a dh'ion-phortaicheas mi liostaichean-cluich air an sàbhaladh?

Tha dà sheòrsa liosta-cluich aig YouTube: feadhainn a chaidh a chruthachadh agus feadhainn a chaidh a shàbhaladh. 'S e liostaichean-cluich air an sàbhaladh an fheadhainn nach do chruthaich thu fhèin ach a chuir thu ris na liostaichean-cluich agad. Gu mì-fhortanach, chan eil API YouTube a' ceadachadh ach ion-phortadh liostaichean-cluich a chaidh a chruthachadh. Dòigh eile: san leabharlann YouTube agad, tagh a h-uile video ann an liosta-cluich air a sàbhaladh, dèan lethbhreac dhiubh gu tè dhe na liostaichean-cluich a chruthaich thu agus ion-phortaich i a-steach do AT Player.
Aig an àm seo, chan eil sinn a' cur taic ach ri liostaichean-cluich a chaidh a chruthachadh - an fheadhainn a chruthaich thu fhèin o thùs. Liostaichean-cluich air an sàbhaladh - nuair a ghlèidheas tu lethbhric de liostaichean-cluich poblach. Chan eil API YouTube a' cur taic ri sioncronachadh liostaichean-cluich air an sàbhaladh. Ach tha dòigh eile ann: faodaidh tu a h-uile video sna liostaichean-cluich air an sàbhaladh a thaghadh agus an cur gu tè dhe na liostaichean-cluich a chruthaich thu san leabharlann YouTube agad air loidhne. An uairsin, faodaidh tu an liosta-cluich sin a shioncronachadh le AT Player. San ath thionndadh, cuiridh sinn ris cuideachd an comas liosta-cluich phoblach sam bith a lorg is ion-phortadh.

Dè ma tha YouTube agam fo ainm-cleachdaiche eile?

Bu chòir dhut an cunntas eile agad a chur ris ann an roghainnean an t-siostaim le cunntasan > cuir ris > Google.

Ciamar a dh'ion-phortaicheas mi an liosta-cluich Coimhead air uair eile agam?

'S e cuingealachadh aig YouTube a th' ann, oir chan eil iad a' leigeil le luchd-leasachaidh treas-phàrtaidh faighinn thuice. Mar dhòigh eile, faodaidh tu lethbhreac a dhèanamh dhe na videothan uile ann an Coimhead air uair eile gu na liostaichean-cluich eile agad agus an ion-phortadh a-steach do AT Player.

Cànan