Luchdaich a-nuas

Ceadan

Airson faidhlichean ionadail

Feumaidh an aplacaid cothrom air an stòras ionadail agad gus do cheòl a chluich gu rèidh agus gus na tracaichean as fheàrr leat a luchdadh a-nuas airson èisteachd far loidhne.
Airson an cead seo a thoirt do AT Player, rach gu roghainnean an t-siostaim air an uidheam agad agus thoir dha cead an stòrais.
Leis a' cheum shìmplidh seo, bidh cothrom air na faidhlichean ciùil agad agus thèid na luchdaidhean a-nuas agad gu rèidh, a' cumail do liosta-chluich ann an co-sheirm fhoirfe.

Airson an ionaid

Ann an saoghal na h-aplacaid againn, tha do phrìobhaideachd na prìomh naidheachd. Tha sinn air co-obrachadh le draoidhean sanasachd treas-phàrtaidh gus beagan draoidheachd stèidhichte air ionad a chur ris na sanasan, airson 's gum bi iad nas iomchaidh dhut.
Ach seall, mas fheàrr leat nach biodh na sanasan air an gnàthachadh a rèir far a bheil thu, tha geas againn airson sin cuideachd. Dìreach fosgail leabhar draoidheil ar Poileasaidh prìobhaideachd ann an clàr-taice na h-aplacaid is gheibh thu na h-orthachan dìomhair gus tarraing a-mach.
Tha e uile sgrìobhte an sin, agus bheir sin comas dhut do thuras sanasachd a ghnàthachadh agus do phrìobhaideachd a chumail agad fhèin.

Airson clàradh fuaime

Airson 's gun obraich draoidheachd aithneachadh a' chiùil, feumaidh an aplacaid do bheannachd ann an cruth cead clàradh fuaime gus an urrainn dhi èisteachd.
Chan e dìreach farchluais air a' cheòl mud chuairt a th' ann; 's e seo an t-inneal dìomhair agad gus ainmean nan òran a lorg, an cur ann an liostaichean-cluich sa bhad, an luchdadh a-nuas airson uaireigin eile no cuairt a ghabhail tro mholaidhean ciùil co-cheangailte.
Tha e mar gun toireadh tu cluasan dhan aplacaid, airson 's gun urrainn dhut ainm agus àite ann an saoghal do chiùil a thoirt dha na tracaichean dìomhair sin.

Cead a' bheulaibh

Gus an ceòl a chumail a' sruthadh 's an aplacaid a' boillsgeadh, thig cead a' bheulaibh gu meadhan an àrd-ùrlair air uidheaman sònraichte.
Tha e mar gun toireadh tu cead dhan aplacaid a dhol air cùl an àrd-ùrlair, airson 's gun cluich i gu rèidh gun bhacadh sam bith.
Mura h-iarr an aplacaid an cead VIP seo ort, dh'fhaodadh ath-stàladh luath an t-àrd-ùrlar a chur air dòigh, airson 's gum faigh thu cothrom gun bhriseadh air na gleusan sgoinneil aice uile.

Carson a tha sibh ag iarraidh ceadan?

Chan e dìreach na pongan àrda sa cheòl a ruigeas AT Player; cluichidh e videothan cuideachd agus leigidh e leat an aplacaid a sgeadachadh le ùrlaran gnàthaichte.
Sin as adhbhar gu bheil sinn ag iarraidh ceadan airson sùil a thoirt air na dealbhan agad (gus ùrlaran gnàthaichte spaideil a dhèanamh le na dealbhan agad fhèin) agus air na videothan agad.
Ach na gabh dragh, chan eil na ceadan seo ann ach airson an aplacaid a dhèanamh nas beairtiche agus nas pearsanta dhut. Chan eil sinn gan cleachdadh airson rud sam bith eile.

Cànan